Julie Fowlis - An Ròn / Ann an Caolas Od Odram Lyrics

Lyrics An Ròn / Ann an Caolas Od Odram - Julie Fowlis



"Mise nighean Rìgh-fo-Thuinn
Fuil nan rìghrean na mo chrè
Ged a chì sibh mi nam ròn
Tha mi mòrail nam thìr fhèin.
"Tìr-fo-Thuinn mo dhachaigh dhùint'
Innis dhùthchasach nan ròn;
Caidlidh mi air leacan sàil',
Mi fhìn 's mo bhàn-chuilean òg."
A Bhana-phrionns' a' chuain shiar,
A bheil sgeul agad ri luaidh?
Nach inns thu dhuinn mar a bha
Mun do ghabh sibh tàmh sa chuan?
"Chaidh na geasan a chur oirnn
ar beò bhith le luchd-fuath,
'S ged a tha sinn snàmh nan caol
'S e nàdar daonnd' tha dhuinn dual.
"Aig tràth-marbh air oidhche fèill
Tilgidh sinn ar bèin air tràigh,
'S cluichidh sinn nar n-òighean suairc'
A' crathadh ar cuaillean bàn.
"Ach a-nochd tha mi nam ròn
Air an lic an còrs' a' chuain:
'S e mo nàdar bhith toirt gaol,
'S do chlann-daoine thug mi luaidh."
&&&&&&&&&&
Ann an Caolas Od Odrum
Far an coidleadh an ròn,
Is far nach cluinnte guth duin' ach
Fuaim tuinne 's glog geòidh
Muime 'g altram a pàistean
'S i gan tàladh gu ciùin,
Gu bheil tulgadh nan cuantan
Ga sìor luasgadh nan suain.
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
o dan dao, o dan dao,
o dan dao odar da, odar da
Muime 'g altram a pàistean
'S i gan tàladh gu ciùin,
Gu bheil tulgadh nan cuantan
Ga sìor luasgadh nan suain.
An ròn rìoghail a' gusgail,
'N eala guileag ri thaobh,
A' mhaighdean‐mhara 's i bruadar
Anns an uaigneas air laoch.
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
o dan dao, o dan dao,
o dan dao odar da, odar da
An ròn rìoghail a' gusgail,
'N eala guileag ri thaobh,
A' mhaighdean‐mhara 's i bruadar
Anns an uaigneas air laoch.
Ann an Caolas Od Odrum
Far an coidleadh an ròn,
Is far nach cluinnte guth duine ach
Fuaim tuinne 's glog geòidh
Hion da hion do hion da odar da
Hion da hion do hion da odar da
o dan dao, o dan dao,
o dan dao odar da, odar da




Julie Fowlis - Gach Sgeul / Every Story
Album Gach Sgeul / Every Story
date of release
24-02-2014




Attention! Feel free to leave feedback.