Mary Jane Lamond - Cha Tig Mor Mo Bhean Dhachaidh paroles de chanson

paroles de chanson Cha Tig Mor Mo Bhean Dhachaidh - Mary Jane Lamond



Cha tig Mòr mo bhean dhachaidh
Cha tig Mòr mo bhean ghaoil
Cha tig màthair mo leanabh
Nochd a laighidh ri m' thaobh
Tha an crodh anns an eadraidh
'S 'ad ri 'freagairt nan laogh
Cha tig Mòr à Dùn Bheagain
'S cha fhreagairt i an glaodh
Cha tig Mòr mo bhean dhachaidh
Cha tig Mòr mo bhean ghaoil
Cha tig màthair mo leanabh
Nochd a laighidh ri m' thaobh
Thig bàrr air an iubhar
Thig duilleag air chraoibh
Thig fràs air a' luachair
Ach cha ghluais mo bhean ghaoil
Cha tig Mòr mo bhean dhachaidh
Cha tig Mòr mo bhean ghaoil
Cha tig màthair mo leanabh
Nochd a laighidh ri m' thaobh
Ged a dheanainn-se pòsadh
Mar bu chòir dhomh 'nad dhéidh
Cha togadh mo chridhe
Ri fidhill nan teud
Cha tig Mòr mo bhean dhachaidh
Cha tig Mòr mo bhean ghaoil
Cha tig màthair mo leanabh
Nochd a laighidh ri m' thaobh
Ged a gheobhainn bean uasal
'S duin' uaisl' air gach taobh
'S mùr gum b'fheàrr leam Mòr agam
'Dol bhi laighe ri m' thaobh
Cha tig Mòr mo bhean dhachaidh
Cha tig Mòr mo bhean ghaoil
Cha tig màthair mo leanabh
Nochd a laighidh ri m' thaobh




Mary Jane Lamond - Lan Duil
Album Lan Duil
date de sortie
01-01-1999




Attention! N'hésitez pas à laisser des commentaires.