Текст песни Turas San Lochmor (Live) - Julie Fowlis
An
nì
a
bha
nam
inntinn
gun
inns
mi
dhuibh
an
rann:
Gu
falbhainn
dh′aindeoin
sìde
air
sgrìob
do
thìr
nan
Gall,
Le
baga
làn
de
chearcan
agus
rudan
a
bha
gann
–
Gum
bithinn
aig
Bliadhn'
Ùir
ann
′s
gun
chùmhnadh
air
an
dram.
Diciadain
dh'fhalbh
mi
casruisgt'
le
mo
bhagaichean
nam
dhòrn,
A′
dol
a
Loch
nam
Madadh
ghabhail
aiseag
san
Lochmor;
Bha
fuachd
na
mo
chasan-sa
′s
bha
sneachd'
air
bhàrr
nan
lòn
‑
Cha
dìochuimhnich
mi
′n
t‑allaban
cho
fad'
′s
a
bhios
mi
beò.
Nuair
ràinig
mi
a'
cheàrdach,
àrdach
duine
chòir
A
thug
a‑staigh
gun
dàil
mi
′s
a
nochd
dhomh
càirdeas
mòr,
Thug
dhomh
tì
a
b'
fheàirrde
mi
ri
aghaidh
bhlàth
an
stòbh
‑
Gu
seasainn
fuachd
nuair
dh'fhàg
sinn
le
mo
chaiseart
blàth
′s
lem
chòt′.
Nuair
dh'fhalbh
an
carbad-ola
leinn
′s
ar
n‑aghaidh
thoir
dhan
tuath,
Bha
sinn
greis
an
Cearsabhagh
a'
blasad
air
stuth
cruaidh;
Gun
tàinig
Bean
na
Maise
′s
am
muir
geal
oirre
mun
cuairt,
'S
chanainn
fhìn
gum
b′
amadan
a
rachadh
innt'
air
chuan.
Nuair
thog
i
mach
gu
farsainneachd,
's
sinn
airsnealach
is
sgìth,
Nuair
thòisich
cur
na
mara
oirnn,
bu
mhath
a
bhith
air
tìr;
Bha
mise
mar
bha
càch,
le
spàirn
orm
a′
strì
‑
An
drama
dh′òl
mi
'n
Cearsabhagh,
bu
duilich
dhealaich
sinn.
On
ear‑dheas
bha
i
sèideadh
oirnn,
gun
choltas
tighinn
na
b′
fheàrr,
Bha
sinn
uil',
oir
b′
fheudar
dhuinn,
nar
sìneadh
air
an
làr;
Nuair
readh
i
sìos
dhan
chlaisidh
leinn
's
am
muir
a′
sgailceadh
àrd,
Bha
cùram
air
gach
neach
againn
nach
tilleadh
i
gu
bràth.
B
'e
siud
an
oidhche
ànranach
a
bh'
againn
anns
a′
bhàt′,
Ach
ràinig
sinn
Loch
Baghasdail
le
dìon
an
Tì
as
Àird;
Thug
mi
leam
mo
bhagaichean
agus
thàrr
mi
às
a'
bhàt′
‑
Chan
fhanainn‑sa
na
b'
fhaid′
innte
ged
rachainn
dhan
taigh-gheàrd!
Fhuair
mi
cadal
socair
ann
an
dachaigh
dhaoine
còir,
Aig
Maiseig
Ruadh,
's
mo
ghràdh
oirre,
oir
nochd
i
càirdeas
dhòmhs′:
Guma
fada
slàn
i,
oir
's
bàidheil
i
na
dòigh
Gu
gabhail
ro
aon
ànranach
a
dh'fhàgadh
an
Lochmor.
Mun
crìochnaich
mi
an
t-òran
seo,
gun
inns
mi
dhuibh
an
còrr:
A‑màireach
thill
mi
dhachaigh
agus
botal
na
mo
phòc;
Chruinnich
sinn
na
càirdean
gu
pàrtaidh
dhe
gach
seòrs′,
Is
cha
robh
h‑aon
a
thàinig
leinn
a
chàineadh
an
Lochmor!
1 Mo Bheannachd dhan bhàillidh ùr (live)
2 Mo Bheannachd Dhan Bhàillidh Ùr
3 Mo Dhòmhnallan Fhèin
4 Set of Jigs: The Thatcher / Peter Byrne's / The Tripper's
5 An T-Aparan Goirid 's an T-Aparan Ùr: Òran Do Sheasaidh Bhaile Raghnaill
6 Mo Ghruagach Dhonn
7 Bodaich Odhar Hoghaigearraidh
8 Turas San Lochmor (Live)
9 Aoidh, Na Dèan Cadal Idir
10 Biodh an Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin (Live)
11 'Ille Dhuinn, 'S Toigh Leam Thu
12 Hùg Air A' Bhonaid Mhòir
13 Òran nan Raiders
14 Lon-dubh/Blackbird
15 Òganaich Ùir a rinn m' fhàgail (live)
Внимание! Не стесняйтесь оставлять отзывы.