Mary Jane Lamond - Crodh air a' Bhruaich Lyrics

Lyrics Crodh air a' Bhruaich - Mary Jane Lamond



Tha crodh air a' bhruaich
Air a' bhail againn fhìn
A bh' ann ri linn mo sheanair
Dubh, donn, agus rìbhinn
Toradh na talmhainn
Agus saothair chlann daoin
Ag àiteach an fhearainn
Obair gaisgich nach staoin
Tha crodh air a' bhruaich
Air a' bhail againn fhìn
A bh' ann ri linn mo sheanair
Dubh, donn, agus rìbhinn
Toradh na talmhainn
Agus saothair chlann daoin
Ag àiteach an fhearainn
Obair gaisgich nach staoin
Tha na pàircean air an lìonadh
Le gach luibh agus buis
Far an robh coirce 's arbhar
Gheobhar drisean 's spruis
Mar a thriallas na daoine
Thig a' choille 'nan déigh
Ach fhathast air a' bhail seo
Gheobhar eich agus spréidh
Tha na pàircean air an lìonadh
Le gach luibh agus buis
Far an robh coirce 's arbhar
Gheobhar drisean 's spruis
Mar a thriallas na daoine
Thig a' choille 'nan déigh
Ach fhathast air a' bhail seo
Gheobhar eich agus spréidh
'S iomadh fear thug a West air
Shireadh cliù agus maoin
Nach d'fhuair e làn dùil
Ged a dh'fhàg e chuid dhaoin
A bhios fuireach am feasd' ann
Le a chridhe goirt, tinn
Ach tha crodh air a' bhruaich
Air a' bhail againn fhìn
'S iomadh fear thug a West air
Shireadh cliù agus maoin
Nach d'fhuair e làn dùil
Ged a dh'fhàg e chuid dhaoin
A bhios fuireach am feasd' ann
Le a chridhe goirt, tinn
Ach tha crodh air a' bhruaich
Air a' bhail againn fhìn




Mary Jane Lamond - Lan Duil
Album Lan Duil
date of release
01-01-1999




Attention! Feel free to leave feedback.