Gillebride MacMillan - Duan an Fhògarraich paroles de chanson

paroles de chanson Duan an Fhògarraich - Gillebride MacMillan



Thus' an sin a' falbh nad chabhaig
'S mise nam shuidhe gun bhonn na mo phòc,
rinn mi ach coimhead nad shùilean
'S thuirt thu le briathran nach bu chiùin:
'Ortsa tha 'n aghaidh iarraidh bhuamsa,
Dh'èirich mi moch madainn is dh'fhalbh mi cho tràth,
Dh'obraich mi 's shaothraich mi son mi bhith mar tha mi,
'S ma-thà, chan fhaigh thu sgillinn ruadh.'
Cadal, dùsgadh,
Foighidinn is sìth,
Càirdeas, coibhneas,
Do làmh-sa dhomh sìnt', Ceartas,
èisteachd, cothrom anns an tìr,
A-mhàin na nithean tha mi 'm dhìth.
'S truagh nach d' bhruidhinn thu san dol seachad
'S beag orm, 's lugh' orm bhith baigearach nam dhòigh;
Dh'innsinn an-dràst' dhut nan èisteadh tu le deòin
Mo sgeul-sa 's i fodh' an tuil nan deòir.
Nam dhùthaich bha mise uasal,
Urramach, Ach chualas am brèisim,
'S bha èislean gu buan;
Theich mi lem bheatha, 's chaidh m' fhàgail gun tuar,
'S nam thràill an tìr tha riumsa fuar.
Cadal, dùsgadh, foighidinn is sìth,
Càirdeas, coibhneas, do làmh-sa dhomh sìnt',
Ceartas, èisteachd,
Cothrom anns an tìr,
A-mhàin na nithean tha mi 'm dhìth.




Gillebride MacMillan - Freumhan Falaichte
Album Freumhan Falaichte
date de sortie
14-09-2018




Attention! N'hésitez pas à laisser des commentaires.