Julie Fowlis - An Roghain Dàin Do Eimhir XXII (The Choice) paroles de chanson
Julie Fowlis An Roghain Dàin Do Eimhir XXII (The Choice)

An Roghain Dàin Do Eimhir XXII (The Choice)

Julie Fowlis


paroles de chanson An Roghain Dàin Do Eimhir XXII (The Choice) - Julie Fowlis




Choisich mi cuide ri mo thuigse
A-muigh ri taobh a′ chuain;
Bha sinn còmhla ach bha ise
A' fuireach tiotan bhuam.
An sin thionndaidh i ag ràdha:
A bheil e fìor gun cual
Thu gu bheil do ghaol geal àlainn
A′ pòsadh tràth Diluain?
Bhac mi 'n cridhe bha 'g èirigh
′Nam bhroilleach reubte luath
Is thubhairt mi: Tha mi cinnteach;
Carson bu bhreug e bhuam?
Ciamar a smaoinichinn gun glacainn
An rionnag leugach òir,
Gum beirinn oirre ′s gun cuirinn i
Gu ciallach 'na mo phòc?
Cha d′ ghabh mise bàs croinn-ceusaidh
An èiginn chruaidh na Spàinn
Is ciamar sin bhiodh dùil agam
Ri aon duais ùir an dàin?
Cha do lean mi ach an t-slighe chrìon
Bheag ìosal thioram thlàth,
Is ciamar sin a choinnichinn
Ri beithir-theine ghràidh?
Ach nan robh 'n roghainn rithist dhomh
′S mi 'm sheasamh air an àird,
Leumainn à neamh no iutharna
Le spiorad ′s cridhe slàn.



Writer(s): Donald Shaw, Sorley Maclean


Attention! N'hésitez pas à laisser des commentaires.