paroles de chanson An Roghainn Dàin do Eimhir XXII (The Choice) - Julie Fowlis
Choisich
mi
cuide
ri
mo
thuigse
A-muigh
ri
taobh
a'
chuain;
Bha
sinn
còmhla
ach
bha
ise
A'
fuireach
tiotan
bhuam.
An
sin
thionndaidh
i
ag
ràdha:
A
bheil
e
fìor
gun
cual
Thu
gu
bheil
do
ghaol
geal
àlainn
A'
pòsadh
tràth
Diluain?
Bhac
mi
'n
cridhe
bha
'g
èirigh
'Nam
bhroilleach
reubte
luath
Is
thubhairt
mi:
Tha
mi
cinnteach;
Carson
bu
bhreug
e
bhuam?
Ciamar
a
smaoinichinn
gun
glacainn
An
rionnag
leugach
òir,
Gum
beirinn
oirre
's
gun
cuirinn
i
Gu
ciallach
'na
mo
phòc?
Cha
d'
ghabh
mise
bàs
croinn-ceusaidh
An
èiginn
chruaidh
na
Spàinn
Is
ciamar
sin
bhiodh
dùil
agam
Ri
aon
duais
ùir
an
dàin?
Cha
do
lean
mi
ach
an
t-slighe
chrìon
Bheag
ìosal
thioram
thlàth,
Is
ciamar
sin
a
choinnichinn
Ri
beithir-theine
ghràidh?
Ach
nan
robh
'n
roghainn
rithist
dhomh
'S
mi
'm
sheasamh
air
an
àird,
Leumainn
à
neamh
no
iutharna
Le
spiorad
's
cridhe
slàn
1 A Ghaoil, Leig Dhachaigh Gum Mhàthair Mi (Love, Let Me Home to My Mother)
2 Danns’ a Luideagan Odhar (Dance Dun-Coloured Slattern)
3 An Roghainn Dàin do Eimhir XXII (The Choice)
4 Do Chalum (To Calum)
5 Cadal Ciarach Mo Luran (Sleep Well My Beloved)
6 Puirt-à-Beul Set: Ribinnean Rìomhach (Beautiful Ribbons)
7 Òran Fir Heisgeir (Gura Mis’ Tha fo Mhìghean) (The Song of Fear Heisgeir)
8 Siud Thu ’Ille Ruaidh Ghallain (There You Go, Handsome Red-Haired Youth)
9 Puirt-à-Beul Set: Fodar dha na Gamhna Beaga (Fodder for the Small Stirks)
10 An Ròn (The Seal) / Ann an Caolas Od Odrum (In the Narrows of Od Odrum)
Attention! N'hésitez pas à laisser des commentaires.