Julie Fowlis - Turas San Lochmor (Journey in the Lochmor) (Live) paroles de chanson

paroles de chanson Turas San Lochmor (Journey in the Lochmor) (Live) - Julie Fowlis



An a bha nam inntinn gun inns mi dhuibh an rann:
Gu falbhainn dh'aindeoin sìde air sgrìob do thìr nan Gall,
Le baga làn de chearcan agus rudan a bha gann
Gum bithinn aig Bliadhn' Ùir ann 's gun chùmhnadh air an dram.
Diciadain dh'fhalbh mi casruisgt' le mo bhagaichean nam dhòrn,
A' dol a Loch nam Madadh ghabhail aiseag san Lochmor;
Bha fuachd na mo chasan-sa 's bha sneachd' air bhàrr nan lòn
Cha dìochuimhnich mi 'n t‑allaban cho fad' 's a bhios mi beò.
Nuair ràinig mi a' cheàrdach, àrdach duine chòir
A thug a‑staigh gun dàil mi 's a nochd dhomh càirdeas mòr,
Thug dhomh a b' fheàirrde mi ri aghaidh bhlàth an stòbh
Gu seasainn fuachd nuair dh'fhàg sinn le mo chaiseart blàth 's lem chòt'.
Nuair dh'fhalbh an carbad-ola leinn 's ar n‑aghaidh thoir dhan tuath,
Bha sinn greis an Cearsabhagh a' blasad air stuth cruaidh;
Gun tàinig Bean na Maise 's am muir geal oirre mun cuairt,
'S chanainn fhìn gum b' amadan a rachadh innt' air chuan.
Nuair thog i mach gu farsainneachd, 's sinn airsnealach is sgìth,
Nuair thòisich cur na mara oirnn, bu mhath a bhith air tìr;
Bha mise mar bha càch, le spàirn orm a' strì
An drama dh'òl mi 'n Cearsabhagh, bu duilich dhealaich sinn.
On ear‑dheas bha i sèideadh oirnn, gun choltas tighinn na b' fheàrr,
Bha sinn uil', oir b' fheudar dhuinn, nar sìneadh air an làr;
Nuair readh i sìos dhan chlaisidh leinn 's am muir a' sgailceadh àrd,
Bha cùram air gach neach againn nach tilleadh i gu bràth.
B 'e siud an oidhche ànranach a bh' againn anns a' bhàt',
Ach ràinig sinn Loch Baghasdail le dìon an as Àird;
Thug mi leam mo bhagaichean agus thàrr mi às a' bhàt'
Chan fhanainn‑sa na b' fhaid' innte ged rachainn dhan taigh-gheàrd!
Fhuair mi cadal socair ann an dachaigh dhaoine còir,
Aig Maiseig Ruadh, 's mo ghràdh oirre, oir nochd i càirdeas dhòmhs':
Guma fada slàn i, oir 's bàidheil i na dòigh
Gu gabhail ro aon ànranach a dh'fhàgadh an Lochmor.
Mun crìochnaich mi an t-òran seo, gun inns mi dhuibh an còrr:
A‑màireach thill mi dhachaigh agus botal na mo phòc;
Chruinnich sinn na càirdean gu pàrtaidh dhe gach seòrs',
Is cha robh h‑aon a thàinig leinn a chàineadh an Lochmor!



Writer(s): Pàdruig Moireasdan


Julie Fowlis - Live at Perthshire Amber
Album Live at Perthshire Amber
date de sortie
24-02-2014

1 Tunes and Puirt-À-Buel Set: Thornton Jig / Chloe's Passion / Are You Ready Yet? / 'S Toigh Leam Fhìn Buntàta 'S Ìm / Tha Fionnlagh Ag Innearadh / Thug Oiridh Thiridh Thairidh (Live)
2 Rugadh Mi 'Teis Meadhan Na Mara (Me Zo Ganet É Kreiz Er Mor / I Was Born in the Midst of the Sea) (Live)
3 Tunes Set: The Thatcher / Peter Byrne's / The Soup Dragon / Isaac's Welcome to the World (Live)
4 Lon-dubh (Blackbird) (Live)
5 Òganaich Uir a Rinn M' Fhàgail (O Noble Youth Who Has Left Me) (Live)
6 Tha Brògan Ùr Agam a-nochd (I Have New Shoes Tonight) / The Cat and the Dog / Mu Chuachag 'S Laghach Thu (My Beloved You Are So Nice) (Live)
7 A Chatrion' Òg (Young Catriona) (Live)
8 Hò Bha Mi, Hé Bha Mi (Hò I Was, Hé I Was) (Live)
9 M' Fhearann Saidhbhir (My Land Is Rich) / Nellie Garvey's / 'G Ioman Nan Gamhan 'S Mi Muladach / Jerry's Pipe Jig (Live)
10 Turas San Lochmor (Journey in the Lochmor) (Live)
11 Biodh an Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin (This Drink Would Be in the Hand of My Love) (Live)
12 Hùg Air a' Bhonaid Mhòir (Celebrate the Great Bonnet) (Live)




Attention! N'hésitez pas à laisser des commentaires.