Julie Fowlis - Òran nan Raiders paroles de chanson

paroles de chanson Òran nan Raiders - Julie Fowlis



O, ′s ann tha na diùlnaich thall
Air an taobh ud dhen a' Bheinn:
Fhuair iad fearann ann gun taing
Bhon an aingidh rinn am mealladh.
O, ′s ann tha na diùlnaich thall
Fhad 's a bhios an linn seo beò
Bidh cuimhn' air cainnteanas Lloyd George:
Gheall e fearann do na seòid,
Ach na thill beò dhiubh, ′s mòr an gearain.
O, ′s ann tha na diùlnaich thall
Nuair a thuig na gillean còir
Gu robh an Government fo sgleò
'S nach robh cainnteanas Lloyd George
Ach mar cheò a′ falbh à sealladh,
O, 's ann tha na diùlnaich thall
Chruinnich iad is fhuair iad pìob,
′S am port a chluich iad Morair Sìm,
'S cha robh fear a bha san sgìr′
Nach robh cruinn aig roinn an fhearainn.
O, 's ann tha na diùlnaich thall
Thàinig Raghnall le mòr‑uaill,
Le each 's le ghunna dol mun cuairt:
′S gann a bhruidhneadh e le gruaim
Thug e ′n dualchas ud bho sheanair.
O, 's ann tha na diùlnaich thall
An Dotair Moireach, suas a chliù,
Faic mar thagair e sa chùis:
Thug e mach iad às an tùr
Gu an saors′ a dheòin 's a dh′aindeoin.
O, 's ann tha na diùlnaich thall
Sguiridh mise nis dhem dhàn:
′S e mo dhùrachd sibh bhith slàn,
Le bhur sabhail mhòra làn
Leis a' ghràn gu àird nan sparran.
O, 's ann tha na diùlnaich thall



Writer(s): finlay morrison


Julie Fowlis - Cuilidh
Album Cuilidh
date de sortie
26-03-2007




Attention! N'hésitez pas à laisser des commentaires.