Mànran - Dhèanainn Sùgradh paroles de chanson

paroles de chanson Dhèanainn Sùgradh - Mànran



Dhèanainn sùgradh ris an nigh'n duibh
'N deidh dhomh èirigh anns a' mhadainn
Dhèanainn sùgradh ris an nigh'n duibh
Dhèanainn sùgradh ris a'ghruagaich
Nuair a bhiodh an sluagh nan cadal
Dhèanainn sùgradh an àm dùsgaidh
'N àm na siùil a bhith 'gam pasgadh
DiLuain an dèidh DiDòmhnaich
Dh'fhalbh sinn le Seonaid à Arcaibh
Bha muir gorm a' ruith fo cuinnlean
'S i cur still à grunnd an aigeil
Riof ga ceangal 's riof ga fuasgladh
Muir ma guallain, fuaim is fead oirr'
Null ma Chaolas na Ròimhe
B'fheudar dhuinn am bòm a leaiseadh
Null ma chaolas na Frainge
Maide 'na làimh, gaoth ga greasad
Cha robh ròp a feum a splaidhseadh
Air mo mhaighdinn ri tighinn dhachaigh
Dh'fheumadh pòrsan thoirt à bùth dhith
Ged a bhiodh e crùn an cairteal
Ged a bhiodh a crùn an t-òirleach
Dh'fheumar pòrsan dheth thoirt dhachaigh



Writer(s): mànran, traditional


Mànran - The Test
Album The Test
date de sortie
01-07-2013




Attention! N'hésitez pas à laisser des commentaires.