Griogair Labhruidh - Siubhal A' Choire текст песни

Текст песни Siubhal A' Choire - Griogair Labhruidh



Chunnaic mi 'n Coire, haoi ò,
Deas 's i fo h-uidheam, ho
Thog sinn a-mach air a' mhachair uaine
Dh'fhuar sinn a' Gharbhaird ghailbheachd, ghruamach
Leum on iardheas sìontan cruaidh oirnn,
Haoi ò, 's i 'n Coire a bh' ann!
Chunnaic mi 'n Coire, haoi ò,
Deas 's i fo h-uidheam, ho
Thog i a ceann ri ceann nam fuarthonn
'N dhubh chaol, gaoir na gluasad,
Thog i seinn is rinn i ruathar
'S i 'n Coire i fhèin a bh' ann!
Chunnaic mi 'n Coire, haoi ò,
Deas 's i fo h-uidheam, ho
Shìn i a sgòd le cruas na cruadhach,
Shìn i taobh re taobh nan stuadhan,
Shìn i ceum a cheumadh
Haoi ò, 's i 'n Coire a bh' ann!
Chunnaic mi 'n Coire, haoi ò,
Deas 's i fo h-uidheam, ho
Bhuail i beum le beul 's i tuairgneadh,
Thug i sad le sgar a guailne,
Gheàrr i leòn le sròin 's i luasgan,
'S i 'n Coire i fhèin a bh' ann!
Chunnaic mi 'n Coire, haoi ò,
Deas 's i fo h-uidheam, ho
Eilean Aoidh gum b' aoibh a nuallan
Àird Mhic Laomainn, a gaoir gum b' uaibhreach,
Os cionn na h-Innse sheinn i duanag
'S i 'n Coire i fhèin a bh' ann!
Chunnaic mi 'n Coire, haoi ò,
Deas 's i fo h-uidheam, ho



Авторы: Griogair Lawrie


Griogair Labhruidh - Dail-riata
Альбом Dail-riata
дата релиза
01-01-2007




Внимание! Не стесняйтесь оставлять отзывы.