Julie Fowlis - An Roghainn Dàin do Eimhir XXII (The Choice) Lyrics

Lyrics An Roghainn Dàin do Eimhir XXII (The Choice) - Julie Fowlis



Choisich mi cuide ri mo thuigse
A-muigh ri taobh a' chuain;
Bha sinn còmhla ach bha ise
A' fuireach tiotan bhuam.
An sin thionndaidh i ag ràdha:
A bheil e fìor gun cual
Thu gu bheil do ghaol geal àlainn
A' pòsadh tràth Diluain?
Bhac mi 'n cridhe bha 'g èirigh
'Nam bhroilleach reubte luath
Is thubhairt mi: Tha mi cinnteach;
Carson bu bhreug e bhuam?
Ciamar a smaoinichinn gun glacainn
An rionnag leugach òir,
Gum beirinn oirre 's gun cuirinn i
Gu ciallach 'na mo phòc?
Cha d' ghabh mise bàs croinn-ceusaidh
An èiginn chruaidh na Spàinn
Is ciamar sin bhiodh dùil agam
Ri aon duais ùir an dàin?
Cha do lean mi ach an t-slighe chrìon
Bheag ìosal thioram thlàth,
Is ciamar sin a choinnichinn
Ri beithir-theine ghràidh?
Ach nan robh 'n roghainn rithist dhomh
'S mi 'm sheasamh air an àird,
Leumainn à neamh no iutharna
Le spiorad 's cridhe slàn



Writer(s): donald shaw, sorley maclean


Julie Fowlis - Gach Sgeul – Every Story
Album Gach Sgeul – Every Story
date of release
24-02-2014




Attention! Feel free to leave feedback.