Runrig - Tillidh Mi Lyrics

Lyrics Tillidh Mi - Runrig



Tha sàmhradh bliadhna eile air tighinn
Ach cha thog mo ghrian an àird
Mo chasan trom 's iad 'g iarraidh dhachaidh
'S m' inntinn dol mu'n cuairt
Tha mi fallainn, tha mi òg
Ach lag 's mi bàthadh gun do phòg
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh
Bho àm gu àm bi mise a'coiseachd
Nam ònrachd sìos an t-sràid
Mi smuaineachadh air abhainn fhada
Tha laighe fad' bhon rathad
Si gu bhi làn le bric a' snàmh
'S tachas dian na mo làimh
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh
Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh
Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh
Nuair a thuiteas oidhche orm
'S e 'n t-àm as miosa a th' ann
Mise laighe na mo leabaidh
'S thusa na mo cheann
Cha bhiodh an sàmhradh cheart cho doirbh
'S tu nad shìneadh ri mo thaobh
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh
Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh
Tillidh mi dhachaidh, tillidh mi dhachaidh
Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghràdh



Writer(s): Calum Mac Donald


Runrig - Play Gaelic - The First "Legendary" Recordings
Album Play Gaelic - The First "Legendary" Recordings
date of release
01-01-1990




Attention! Feel free to leave feedback.