Mànran - An Eala Bhàn paroles de chanson

paroles de chanson An Eala Bhàn - Mànran



Gur duilich leam mar tha mi
'S mo chridhe 'n sàs aig bròn
Bhon an uair a dh'fhàg mi
Beanntan àrd a' cheò
Gleanntannan a'mhànrain
Nan loch, nam bàgh 's nan sròm
'S an eala bhàn tha tàmh ann
Gach latha air 'm bheil mi 'n tòir.
A Mhagaidh na bi tùrsach
A rùin, ged gheibhinn bàs-
am fear am measg an t-sluaigh
A mhaireas buan gu bràth?
Chan eil sinn uile ach air chuairt
Mar dhìthein buaile fàs
Bheir siantannan na blianna sios
'S nach tog a' ghrian an àird.
Tha 'n talamh leir mun cuairt dhìom
'Na mheallan suas 's na neòil;
Aig na 'shells a' bualadh -
Cha leir dhomh bhuam le ceò:
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a' ghunna mhòir;
Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air NicLeòid.
Air m' uilinn anns na truinnsichean
Tha m' inntinn ort, a ghràidh;
Nam chadal bidh mi a' bruadar ort
Cha dualach dhomh bhith slàn;
Tha m' aigne air a lionadh
Le cianalas cho làn
'S a'ghruag a dh'fhàs cho ruadh orm
A nis air thuar bhith bàn.
Ach ma thig an t-àm
Is anns an Fhraing gu faigh mi bàs
'S san uaigh gun tèid mo shìneadh
Far eil na mìltean chàch,
Mo bheannachd leis a' ghruagaich,
A' chaileag uasal bhàn -
Gach a dh'fhalbh gun uallach dhi,
Gun nàire gruaidh na dhàil.
Oidhche mhath leat fhèin, a rùin
Nad leabaidh chùbhraidh bhlàth;
Cadal sàmhach air a chùl
Do dhùsgadh sunndach slàn.
Tha mise 'n seo 's an truinnsidh fhuar
'S nam chluasan fuaim bhàis
Gun duil ri faighinn às le buaidh -
Tha 'n cuan cho buan ri shnàmh.



Writer(s): Dòmhnall Ruadh Chorùna, Mànran


Mànran - Mànran
Album Mànran
date de sortie
18-07-2011




Attention! N'hésitez pas à laisser des commentaires.