Mànran - Chasing Daylight paroles de chanson

paroles de chanson Chasing Daylight - Mànran



AN EALA BHAN
Gur duilich leam mar tha mi
'S mo chridhe 'n sas aig bron
Bhon an uair a dh'fhag mi
Beanntan ard a' cheo
Gleanntannan a'mhanrain
Nan loch, nam bagh 's nan srom
'S an eala bhan tha tamh ann
Gach la air 'm bheil mi 'n toir.
A Mhagaidh na bi tursach
A ruin, ged gheibhinn bas-
Co am fear am measg an t-sluaigh
A mhaireas buan gu brath?
Chan eil sinn uile ach air chuairt
Mar dhithein buaile fas
Bheir siantannan na blianna sios
'S nach tog a' ghrian an aird.
Tha 'n talamh leir mun cuairt dhiom
'Na mheallan suas 's na neoil;
Aig na 'shells a' bualadh
Cha leir dhomh bhuam le ceo:
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a' ghunna mhoir;
Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air NicLeoid.
Mas e 's gu bheil e 'n dàn dhomh
On bhlàr gun till mi beò
Is gu faic mi 'n t-àite
San deach ar n-àrach òg
An sin bidh crathadh làmhan ann
Is bilean blàth toirt phòg
'S mo ghealltanas bidh pàighte dhut
Le fainne chur mud mheòir.
Oidhche mhath leat fhein, a ruin
Nad leabaidh chubhraidh bhlath;
Cadal samhach air a chul
Do dhusgadh sunndach slan
Tha mise 'n seo 's an truinnsidh fhuar
'S nam chluasan fuaim bhais
Gun duil ri faighinn as le buaidh
Tha 'n cuan cho buan ri shnamh



Writer(s): Gary Hugh Innes


Mànran - Mànran
Album Mànran
date de sortie
18-07-2011




Attention! N'hésitez pas à laisser des commentaires.