Julie Fowlis - Do Chalum (To Calum) текст песни

Текст песни Do Chalum (To Calum) - Julie Fowlis



Chalum, a rùin,
On a dh′ eug thu
'S airsnealach, tinn
As do dhèidh sinn;
Geàrr bha do rèis,
Geàrr do shaoghal,
Buan an creuchd
Bheum do dhaoine.
′S tusa bha mear,
èibhinn, aotrom,
Dealasach, ceart,
Eirmseach, daonda;
Fulganach, treun
Gleac ri eucail,
Gun fhiamh, gun ghealt
Ri uchd èig thu.
Sgoilear gun mheang,
Tuigseach, gleusda
Thionail ar fuinn,
Thruis gach sgeulachd.
Choisinn thu cliù
Thall an Èirinn
'S bhos an Alba
Mòr bha dh'fheum ort.
Blàth bha do chrìdh,
Fialaidh, mùirneach
Macanta, còir,
Coibhneil, fiùghant′;
Fuaraidh an nochd
Aognaidh, tùrsach
Gaoth anns a′ bheàrn
Nach gabh dùnadh.



Авторы: john maclean


Julie Fowlis - Gach Sgeul / Every Story
Альбом Gach Sgeul / Every Story
дата релиза
24-02-2014




Внимание! Не стесняйтесь оставлять отзывы.