Julie Fowlis - Siud Thu ’Ille Ruaidh Ghallain (There You Go, Handsome Red-Haired Youth) текст песни

Текст песни Siud Thu ’Ille Ruaidh Ghallain (There You Go, Handsome Red-Haired Youth) - Julie Fowlis



Siud thu ′ille Ruaidh Ghallain
Shiùbhlainn leat an cuan fairis
Siud thu 'ille Ruaidh Ghallain.
Nuair a dh′fhalbh sinn leis a' bhàta
Fhuair sinn treis a' bhàirlinn mara.
Cha robh againn ach luchd ceàirde
Gobha, ′s gàirnealair ′s ceannaich.
B' fheàrr leam am fear ruadh nam mhàthair
Nuair thàinig an gàbhadh tharainn.
An gobha dhèanadh na tàirnean
Lìrigeadh e ′n àird ri anam.
An gàirnealair bha sa ghàrradh
Cha b' ann air a′ chàl bha aire.
An ceannaich aig a robh a' mhàileid
Fhuair e bhathar air a shailleadh.
Fear bha freasdal na h-aon làimhe
′S beag a b' fheàirrd' iad e sa chabhaig.
Gur e gaisgeachd agus cruadal
An fhir ruaidh thug sinn gu caladh.



Авторы: gilleasbaig macdonald


Julie Fowlis - Gach Sgeul / Every Story
Альбом Gach Sgeul / Every Story
дата релиза
24-02-2014




Внимание! Не стесняйтесь оставлять отзывы.