Julie Fowlis - Òran Fir Heisgeir (Gura Mis’ Tha fo Mhìghean) (The Song of Fear Heisgeir) текст песни

Текст песни Òran Fir Heisgeir (Gura Mis’ Tha fo Mhìghean) (The Song of Fear Heisgeir) - Julie Fowlis



Gura mis′ tha fo mhìghean,
'S mi leam fhìn air a′ chnoc,
Fada, fada, bho m' chàirdean,
Ann an àite ri port;
Gus am facas do bhàta,
Le siùil àrda ri dos,
Tigh'nn a-steach chun na h-Àirde
′S mac an àrmainn air stoc.
Mac an àrmainn air stiùir,
A tigh′nn a dh' ionnsaidh an Troit;
Gu bheil an caolas a′ beucadh,
'S muir ag èirigh mu slait;
Tha do làmh-sa cho gleusta,
′S nach do thrèig ise neart;
Ged a thigeadh muir dubh-ghorm,
Chuireadh sgùradh a-steach.
'S ged bhiodh cìosnachadh mar′ ann,
'Bhuileadh barraibh a crann,
'Chuireadh dh′ ionnsaigh a slat i,
′S luaithe h-astar na long;
Bhiodh i aigeannach, aotrom,
'G èirigh eadar gach gleann,
′S muir a' bualadh mu darach,
′Fuasgladh reangan is lann.
Bu tu sgiobair na fairge,
Bu tu fear falmadair grinn,
Gur tu b' urrainn a stiùireadh,
′Nuair a dhiùltadh iad i;
Ged a bheireadh iad thairis,
'S iad na laighe 's an tuim,
Chumadh tusa i cho gàireach,
Gus an tàrradh i tìr.
Chan eil aon rubha cladaich,
Eadar seo ′s a Chaoir-dhearg,
Eadar Lìte ′s gach cala,
'N dèanta fantainn neo falbh;
Chan eil maighstir soithich,
Chuala feothas do làimh,
Nach bi faighneachd, ′s a feòrach',
Càite faighte do bhàt′.
Iùbhrach àlainn, 's i fallainn,
′S i ri gabhail a' chuain,
I ruith cho dìreach ri saighead,
'S gaoth na h-aghaidh gu cruaidh;
Ged bhiodh stoirm chlacha′-meallain
Ann, ′s an cathadh a tuath,
Fear Heisgeir a gabhail
Làmh nach athadh ro 'n stuaigh.
Tha Fear Heisgeir a′ tighinn;
Bu tu ceann-uidhe nan ceud,
Bu tu ceann-uidhe na cuideachd,
'S cha bu sgrubaire crìon;
′N àm ruighinn do bhaile,
Seal mu 'n cromadh a′ ghrian;
Bu tu mac an deagh athair,
Bha gu mathasach riamh.



Авторы: rachael macdonald


Julie Fowlis - Gach Sgeul / Every Story
Альбом Gach Sgeul / Every Story
дата релиза
24-02-2014




Внимание! Не стесняйтесь оставлять отзывы.