Mànran - Là Inbhir Lòchaidh текст песни

Текст песни Là Inbhir Lòchaidh - Mànran



An cuala sibhse an tionndadh duineil
Thug an camp bha 'n Cille Chuimein?
'S fada chaidh ainm air an iomairt
Thug iad às an naimhdean iomain
Dhìrich mi moch madainn Dòmhnaich
Gu bràigh caisteil Inbhir Lòchaidh
Chunnaic mi 'n t-arm dol an òrdugh
'S bha buaidh a' bhlàir le Clann Dòmhnail
rim ho-rò, hò-ro leatha
rim ho-rò, hò-ro leatha
rim ho-rò, hò-ro leatha
Chaidh an latha le Clann Dòmhnaill
Air do làimh-sa, Thighearna Labhair
Ge mòr do bhòsd as do chlaidheamh
'S iomadh òglach chinne d' athar
Tha 'n Inbhir Lòchaidh na laighe
'S ioma fearr goirseid agus pillein
Cho math 'sa bha riamh dheth d' chinneadh
Nach d'fhoad a bhotann thoirt tioram
Ach faoghlum snàmh air Bun-Neimheis
rim ho-rò, hò-ro leatha
rim ho-rò, hò-ro leatha
rim ho-rò, hò-ro leatha
Chaidh an latha le Clann Dòmhnaill
'N latha sin shaoil leo dhol leotha
'S ann bha laoich ga 'n ruith air reothadh
'S ioma slaodanach mor odhar
Bha na shineadh air ach'-an-tothair
Cha b'e sud an siubhal cearbach
A thug Alasdair do dh'Albainn
Creachadh, losgadh, agus marbhadh
'S leagadh leis coileach Strath-bhalgaidh
Alasdair Mhic Cholla ghasda
Lamh dheas a sgoltadh nan caisteal
Chuir thu 'n ruaig air Ghallaibh glasa
'S ma dh-ol iad càl gun chuir thu asd' e
'M b' aithne dhuibhse 'n Goirtean-odhar
'S math a bha e air a thothar
Cha 'n inneir chaorach, no ghobhar
Ach fuil Dhuimhneach an deigh reothadh
rim ho-rò, hò-ro leatha
rim ho-rò, hò-ro leatha
rim ho-rò, hò-ro leatha
Chaidh an latha le Clann Dòmhnaill
rim ho-rò, hò-ro leatha
rim ho-rò, hò-ro leatha
rim ho-rò, hò-ro leatha
Chaidh an latha le Clann Dòmhnaill



Авторы: . Traditional, Mary Jane Lamond


Mànran - Là Inbhir Lòchaidh
Альбом Là Inbhir Lòchaidh
дата релиза
02-02-2018




Внимание! Не стесняйтесь оставлять отзывы.