Sian - Sheòl Am Bàta Lyrics

Lyrics Sheòl Am Bàta - Sian



Sheòl am bàta fairis a-null
E ho o o hu
Hao ri na hoireann ho ro
E ho o o hu
Sgiobadh oirr' dh'fhearaibh mo rùn
Fear nam mìog-shùil meallach air stiùir
'S cairt na làimh 's e dèanamh na shiùil
Sheòl am bàta fairis o thìr
Bha luchd oirre à nìtheanan daor
Do dh'òr dearg 's do dh'airgead an rìgh
Tha mo leannan sa bhail' ud thall
Rìgh, ma tha, nach tigeadh e nall?
O 's ann riut a laighinn gu teann
O 's ann bhuat a dh'èirinn gun mheang
Leabaidh rìomhach, cluasag fo'r ceann



Writer(s): Ceitlin Lilidh, Eilidh Cormack, Ellen Macdonald, Innes White


Sian - Sian
Album Sian
date of release
06-03-2020




Attention! Feel free to leave feedback.