Sian - Thàinig an Gille Dubh Raoir don Bhaile Seo Lyrics

Lyrics Thàinig an Gille Dubh Raoir don Bhaile Seo - Sian



Thàinig an gille dubh raoir don bhaile so
'S trom mo cheum on thrèig mo leannan mi
Thàinig an gille dubh raoir don bhaile so
Gur mis' tha gu tinn le goirteas mo chinn
'S ged rachainn don chill cha chluinn mo leannan mi
Gur iomadh bean òg le sìoda agus sròl
A chunntadh le deòin mo chrò crodh-bainne dhuit
Gur guirme do shùil na an dearcag fon driùchd
'S gur finealt do ghnùis na ùr-ròs mheanganan
An gille dubh caol na laighe san fhraoch
'S a ghunna ri thaobh: b' e an fhaodail fhalach e
An gille gun fhoill sa bhaile bho raoir
Nach tiugainn thu 'n choill san rinn mi gealladh riut?
A Cheit a' chùil duinn, ghabh mise dhiot loinn
Gun siubhlainn an oidhche tro choill a' bharraich leat
Mo bheannachd ad dhèidh ma dh'fhàg thu mi fhèin
Ach guidheam cèile beusach banail dhuit
Mo cheist air an òg à broillich Sìol Leòid
Gur math thig an còta bòidheach eangach dhuit



Writer(s): Ceitlin Lilidh, Eilidh Cormack, Ellen Macdonald, Innes White


Sian - Sian
Album Sian
date of release
06-03-2020




Attention! Feel free to leave feedback.