Sian - Teann Null, Fuirich Thall Lyrics

Lyrics Teann Null, Fuirich Thall - Sian



Tha dìth nam bròg air Donnchadh Dubh
Tha dìth nam bròg air Donnchadh Dubh
Tha dìth nam bròg air Donnchadh còir
Tha dìth nam bròg air Donnchadh Dubh
'S chan fhaigh e nall gam iarraidh
Tha dìth nam bròg air Donnchadh Dubh
Tha dìth nam bròg air Donnchadh còir
Tha dìth nam bròg air Donnchadh Dubh
'S chan fhaigh e nall gam iarraidh
Cha tig e'n-diugh gam iarraidh-sa
Cha tig e'n-diugh gam iarraidh-sa
Cha tig e'n-diugh neo 'n-dè neo 'n-diugh
Cha tig e'n-diugh gam iarraidh-sa
'S gun bhrògan air an truaghan
Ach ma tig latha na Bliadhn' Ùr
Gun tèid air chùil de m' thuarasdail
Na gheibh Donnchadh brògan ùr
Leis 'm fhaod e thighinn gam iarraidh
Gun tig gun dàil mo Dhonnchadh-sa
Gun tig gun dàil mo Dhonnchadh-sa
Gun tig gun dàil thar tìr is sàil
Gun tig gun dàil mo Dhonnchadh-sa
Le bhrògan ùr gam iarraidh
Ìm, bàn, bò, chailleach, chuir thu crogan dubh air teallach
Ìm, bàn, bò, chailleach, chuir thu crogan dubh air teallach
Ìm, bàn, bò, chailleach, chuir thu crogan dubh air teallach
Ìm, bàn, bò, chailleach, na dèan tiugh is na dèan tana
Ìm, bàn, bò, chailleach, na cuir air ach beagan ìme
Ìm, bàn, bò, chailleach, chuir thu crogan dubh air teallach
Teann null, fuirich thall
Fuirich fada, fada bhuam
Teann null, fuirich thall
Fuirich fada, fada bhuam
Teann null, fuirich thall
Fuirich fada, fada bhuam
B' annsa leams' an gille donn
Air a bheil na dadachan
Carson a shuidhinn-sa ri taobh
Bodachan a throidseadh rium?
Carson a shuidhinn-sa ri taobh
Bodachan a throidseadh rium?
Carson a shuidhinn-sa ri taobh
Bodachan a throidseadh rium?
B' annsa leams' an gille donn
Air a bheil na dadachan



Writer(s): Ceitlin Lilidh, Eilidh Cormack, Ellen Macdonald, Innes White


Sian - Sian
Album Sian
date of release
06-03-2020




Attention! Feel free to leave feedback.