Sian - Na Gamhna Geala Lyrics

Lyrics Na Gamhna Geala - Sian



'S muladach mi 's mi air m' aineoil
Hillean ò bha
'S mi leam fhìn san eilean mhara
E ho hao ri bhò, hogaibh ò
Hillean ò bha
'S na geòidh fhiadhaich a' dol fairis
Faodaidh iad sin 's a bhi fallain.
Chaidh na sealgairean gu baile
Tha mo shealgair donn fon talamh
Ann an lèine chaol an anairt
'N ciste chaoil 's na saoir ga barradh
'S e mo ghràdh na gamhna geala
Thèid na chrò 's nach òl am bainne
Thèid dhan tràigh 's nach geàrr an fheamainn
Thèid a dh'Èirinn ris a' ghealaich
Thèid a dh'Èirinn ris a' ghealaich
'S a thig às le aon seòl mara
Thèid a dh'Albainn ris a' ghaillinn
O gur h-e mo rùn na gillean
Dh'iomaireas ràmh 's a dh'èigheas iorram
'S a bheir i gu cala tioram
Gu acarsaid Chaluim Chille.



Writer(s): Ceitlin Lilidh, Eilidh Cormack, Ellen Macdonald, Innes White


Sian - Sian
Album Sian
date of release
06-03-2020




Attention! Feel free to leave feedback.